top of page

Vampyre

 

Ron Chogadh Mhòr, bha am bàta-iasgaich seo aig Dòmhnall Gòrdan (Dols) a bha ga chumail ann an Toghsgaig.

 

Bha The Crofter aig Alasadair MacGillIosa (Ali Bàn) anns a' Chùil Dhuibh. 'S e bàta-ràmh, no ma dh'fhaoidte eathar, a bha ann, timcheall air 18-20 troighean a dh'fhaid. Bhiodh Ali Bàn ga cur gu feum airson feamainn a thoirt gu tìr faisg air an Caman. An uair sin, bhiodh toradh na mara seo air a ghiùlain le each is cairt air Rathad nan Each dha na croitean sa bhaile. Bha eathar eile coltach ris, The Henny and Mary aig Iain Mac a' Phearsain (an Gille Ruadh) no Dunnchadh MacGillIosa (Dunnchadh Ceàrr).

 

An àite The Crofter, fhuair Ali Bàn eathar ealbh beag na bu lugha, The Caley aig mu 16 troighean a dh'fhaid bho Dhunnchadh MacGillIosa, bràthair athair a bha a' fantainn anns an Àird Eilbh ach a dh'iorram na dusan mìltean bhon bhaile sin dhan Chùil Dhuibh.

 

Fhuaras mòran dhen fhiosrachadh seo bho Dr Alasdair MacGillIosa, a tha a' fuireach ann an Inbhir Nis, ach aig a bheil buinteanas ris a' Chomraich.

 

 

 

Vampyre

 

Before the Great War, this boat belonged to Donald Gordon (Dols) and was based in Toscaig.

 

Alasaair Gillies (Ali Bàn) in Culduie had The Crofter. This was a boat of about 18-20 feet in length, oar-powered. Ali Bàn used it to gather seaweed which he would bring ahsore near the Caman. Then, this seaware would be taken by horse and cart up a track called Rathad nan Each (Road of the Horses) and spread on the Culduie crofts to improve the ground. Another similar boat, the Henny and Mary, belonged to either John MacPherson (Gille Ruadh) or Duncan Gillies (Dunnchadh Ceàrr).

 

To replace The Crofter, Alasdair Gillies then got a smaller boat called The Caley, at about 16 feet, from Duncan Gillies, his uncle who lived in Ardelve. He rowed this boat the approximately 12 miles back to Culduie.

 

Much of this information came from Dr Alexander K Gillies, who is now living in Inverness, but who has strong family connections to Applecross.

bottom of page