
Coinneach Màrtainn
B' e caractar a bha ann an Coinneach Màrtainn aig an robh buinteanas ris na Hearadh. Thàinig a theaghlach às an eilean sin o chionn timcheall air 100 bliadhna.
Bha iad a' fuireach ann an Coille Ghillidh, baile beag air taobh an iar-dheas na Comraich agus àite a tha ann am fasgadh nan cnoc a tha mu thimcheall. Tha eachdraidh caran duilich aig an àite ge-tà oir chaidh a bhualadh leis a' chaitheamh agus leis a' chnatan mhòr aig deireadh nan 1920an agus tràth sna 1930an. Chaill iomadh neach am beatha mar thoradh air tinneasan.
B' e Aonghas, athair Choinnich, agus a bhean Cairistìona a thàinig dhan sgìre an toiseach, agus còmhla Coinneach bha a pheathraichean Mairead (Margaret) agus Beitidh (no Betsy).
Chuir Coinneach seachad a' chuid a bu mhotha de a bheatha aig an iasgach air eathraichean na sgìre, mar a chluinneas tu anns a' bhideo bheag seo - cliog air a' phutan ann am meadhan an sgrìon.
Kenny Martin
Kenny Martin, who was a well-loved character in Applecross, actually had strong links to the Isle of Harris. His family had come from there, more than a century ago.
They lived in the prety and sheltered township of Coilleghillie, on the south-west of the Applecross peninsula. This small place has a sad history, however, after heh population were hit by influenza and tuberculosis in the 1920s and 1930s, which resulted in the deaths of many people, and whole families almost being wiped out.
Kenny's father and mother, Angus and Christina, came to the area first, and Kenny had two sisters called Margaret and Betsy.
Kenny spent almost his whole working life on local fishing boats, as you will hear in the short video - click on the 'Play' button to find out more.