
Tràth san 20mh linne
Mu thoiseach na 20mh linne, bha cùisean a' fàs ma dh'fhaoidte rud beag na b' eagraichte agus na bu phroifeiseanta. Bha rathad-iarainn a-nis air Caol Loch Aillse a ruighinn. Bha sin na b'fhreagarraiche do dh'iasgairean na Comraich na bhith a' dèanamh air an t-Sròm, oir bha goireasan a bharrachd sa Chaol, agus daoine a cheannaicheadh na ghlac iad, seach rudan a chur air an trèana san t-Sròm.
Bha na bàtaichean fhathast fo sheòl - cha tàining einnseanan gu na bliadhnaichean timcheall air a' Chogadh Mhòr. A-measg nam bàtaichean a bha ag iasgach ann an uisgeachan na Comraich bha:
Màiri Bhàn Òg - b' iad Iain Dòmhnallach ('Ain Dungain) agus Iain Camshron (An Camaranach) a bha air a' bhàta seo
Mayflower - bha am bàta seo aig Dòmhnall Mac an Uidhir (Dòmhnall Choinnich), Dunnchadh Ceanadach (Dushan), agus Iain Mac a' Phearsain (Gille Ruadh).
Bha am Princess May aig Uilleam Ceanadach (Willie Dushan) agus Coinneach MacCoinnich ann an Toghsgaig is i aig acair an-sin, anns na làithean mus deach cidhe a thogail. Cuideachd sa chriubha, bha Coinneach Màrtainn agus Seon MacCalmain (Lula).
B' e sgoth a bha innte, às aonais taigh-cuibhle, agus chaidh a reic airson an Clan MacRae a cheannach bho Murchadh Dòmhnallach (Mortie Never) ann am Baile a' Mhuilinn agus Coinneach MacCoinnich (Stumpie).
Early 1900s
Around the beginning of the 20th century, the Applecross fishing industry could be said to have become much more organised and professional. Previously, you could argue that fishing was a means to an end, and not pursued as a major profession. The opening of the railway line to Strome and (significantly) later to Kyle of Lochalsh made access to markets easier and quicker.
Boats were still under sail at this time, and engines didn't become a common feature until the years around the Great War. Among the boats working Applecross waters at tthis time were:
Màiri Bhàn Òg - John MacDonald ('Ain Dungain) and John Cameron (An Camaranach) had this boat, although little is known about her.
Mayflower - she was owned by Donald MacNair (Dòmhnall Choinnich), Duncan Kennedy (Dushan), and John MacPherson (Gille Ruadh).
The Princess May belonged to Willie Kennedy (Willie Dushan) and Kenny MacKenzie in Toscaig, where she was anchored most commonly in the years before a pier was built there. Also in the crew were Kenny Martin and John Muchison (Lula).
She was a skiff, but didn't have a wheel house, and she was eventually sold to raise money to buy the Clan MacRae from Murdo MacDonald (Mortie Never) who was from Milltown and Kenny MacKenzie (Stumpie).