top of page

Morag

 

 

B' iad Cailean MacGillIosa (mac Cheàrraidh) agus Ruairidh MacGillIosa (Ruairidh Ali Bhàin), às a' Chùil Dhuibh a cheannaich Morag. Bha iad ro làimhe ag obair sa chriubha air Bella. Bha an sgoth seo, Morag, na bu mhotha na Bella, aig 36 troigh a dh'fhaid agus cho fad' 's aithne dhuinn chaidh a togail airson £150 ann an Àird Driseig, an Earra-ghaidheal. Mar sin, 's e sgoth Loch Fìn a tha innte.

 

 

Chaidh a thogail a-mach à làireag agus bha crann oirre. Ged a bha taigh-cuibhle air feadhainn de na bàtaichean, cha robh fear idir air a' Morag. Ge-tà, bha einnsean innte, Kelvin 26hp a chuireadh a-steach an àite Kelvin 14hp – a fhuair Cailean agus Ruairidh bho Passing Cloud, bàta-pacaid a bha ag obair às lèth Òighreachd na Comraich.

 

 

Dar a chaidh a reic, fhuaras £300 air a son bho neach à Polainn a bha a' fantainn ann an Sasainn ann an 1958 ach chaidh a call air sgeirean is i air a slighe dhan dachaigh ùir aice.

 

Cliog air a' phutan ann am meadhan an sgrìon airson bhideo beag fhaicinn.

 

 

Morag

 

 

The men who bought this boat were Colin Gillies (mac Cheàrraidh) and Roddy Gillies (Ruairidh Ali Bhàin), who were both from Culduie. Prior to this, they crewed on the Bella.

 

However, this skiff, the Morag, was bigger than the Bella, at 36 feet. As far as we know, she was originally built for £150 in Ardrishaig. As such, she was a Loch Fyne skiff.

 

She was built from larch, and had a mast. Althoughsome boats had a wheelhouse, the Morag didn't. She did, though, have a Kelvin 26hp installed to replace the earlier, less powerful 14hp one. This newer model engine was sourced by Colin and Roddy from the Applecross Estate's packet boat Passing Cloud.

 

When she was sold, for £300 to a Polish gentleman living in England, she was sadly wrecked on her voyage to her new home.

 

Click on the 'Play' button for more information.

bottom of page