top of page

Seonaid

 

B' e seo am bàta a bu mhotha a bha aig acair sa Pholl Chreadha anns na 1920an is 1930an. B' ann leis na bràithrean MacGillIosa is a bha i, no na Fiocairean mar a b'fheàrr a b' aithnichear iad, a chaidh a dh'fhuirich anns a' Chaol dar a bha an Darna Cogadh a' dol. Bha iomadh caractar às a' Chomraich ag obair oirre uair, nam measg Fearchair MacGillEathain (Gibby no Fearchair Sheonaidh Fhearchair) agus Cailean Gòrdan, agus Aonghas Beag Peutan a dh'fhàg an Neibhidh Marsanta airson a bhith ag obair oirre.

 

Bha iad soirbheachail cuideachd – taobh a-staigh aon bhliadhna san Darna Cogadh, choisinn Tòrmod Mòr còrr air £3000, fortan sna làithean sin.

 

Bha Dànaidh Bhachaill MacRath ag iasgach air an darna bàta fon ainm sin ann am bliadhnaichean an Darna Cogaidh dar a dh'fhàs e tinn is chaidh a chur air tìr ann an Ulapul (perforated ulcer) mus deach a thoirt do dh'ospadal an airm anns an Allt Bheithe.

 

Air an aon bhàta, bha tubaist aig Coinneach (Kennan) MacGillEathain dar a chaill e pìos mhòr de chorraig dar a chaidh a ghrèimeachadh le slabhraidh.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Seonaid

 

This was the biggest boat to be moored in the Poll Chreadha during the 1920s and 1930s. She belonged to the Gillies brothers, who were better known by their collective byname the Fiocairs. They had moved from Applecross to Kyle of Lochalsh during the Second World War. Many Applecross characters worked on her at one time or another: among them were Farquhar MacLean (Gibby or Fearchair Sheonaidh Fhearchair) and Colin Gordon, as well as Norman Beaon and Angus Beaton (Aonghas Beag) who left the Merchant Navy to join her.

 

The Seonaid, with these men working her, was very successful - inside one season during WW II, Norman Beaton made a huge sum of over £3,000. This was a fortune at the time.

 

Donald MacRae (Dànaidh Bhachaill)  from Applecross also worked on the second boat to bear the name Seonaid, and was onee put ahshore in Ullapool suffering from a perforated ulcer before being removed to the army hospital in Aultbea.

 

On that same boat, Kenny MacLean (Kennan) lost a large chunk of a finger after getting it caught in a chain.

bottom of page