top of page

Isa

 

Às dèidh dhaibh an Isa Wood a reic, cheannaich na Camaranaich bàt'-iasgaich ùr ann an 1947, air an robh Isa mar ainm. Chaidh a togail airson a' Chabhlaich Rìoghail agus fhuaras i o Tewkesbury, Siorrachd Gloucester ann an ceann an iar-dheas Shasainn. 'S e bàta mòr, tapaidh a bha innte, is i dubh le bann de dh' uaine air a' bheul.

 

Ag iasgach oirre an toiseach bha Dòmhnall Camshron agus a bhràthair Ali (no Ali Ardubh), Alasdair Jack, Uilleam MacCoinnich (Uilleam Rufuis), Coinneach MacCoinnich (Stumpie) agus Dunnchadh MacBeatha (Duchie).

 

Às dèidh làimhe, bha Domhnall 'Beag' agus Alasdair (no Sandaidh mar as fheàrr 's aithnichear) Camshron ag iasgach oirre, cho math ri daoine leithid Dòmhnall Feargasdan, Aonghas MacGillIosa agus a mhac Calum, agus Coinneach Màrtainn.

 

B' ann aig an lìn-sgadanach is a bha ia an toiseach, is an uair sin an lin-ghrunna mus deach i dhan chleibh làn-ùine bho mu 1983. Chaidh a reic ann an 1991 gu fear a bha a' fuireach sa Phloc ach chaochail esan mus d' rinn e dad leatha. Às dèidh dhi iomadh bliadhna a bhith na làighe ann an Abhach thill i dhan Chomraich ann an 2008 far a bheilear ga càradh.

 

Cliog air an dealbh air an làimh dheis airson barrachd fhaicinn ann an cruth nas motha.

 

Gheibhear bhideo beag gu h-iosal le bhith a' cliogadh air a' phutan ann am meadhan an sgrìon.

 

 

 

Isa

 

After selling Isa Wood, the Camerons bought this new fishing boat in 1947. She was built in Tewkesbury, originally for the Royal Navy. A big, sturdy boat, she was always painted black with a green band around the gunwhale.

 

Fishing on her at first were the Cameron brothers Donald and Alick, Alasdair Jack, William MacKenzie (Uilleam Rufuis), Kenny MacKenzie (Stumpie) and Duncan MacBeath (Duchie).

 

Later, from 1960 two of Donald's sons joined the crew - Donald (Dòmhnall Beag) and Sandy. Others who crewed at one time or another included Donald Ferguson, Angus Gillies and his son Calum, and Kenny Martin.

 

She was firstly at the herring nets, and then the ground nets, before moving to prawn creeling full-time in 1983.

 

She was finally sold to Plockton in 1991, but her new owner died shortly afterwards before he could renovate her. After many years lying decaying by the pier in Avoch, she was saved from destruction and returned to Applecross where she is being gradually repaired.

 

Click on the picture on the top-right to see some images.

 

Click on the 'Play' button on the video for a little feature about life on board.

 

bottom of page