
Seaflower
Airson beagan bhliadhnaichean às dèidh an Darna Cogaidh, cha robh air a' Chomraich ach an dà bhàt'-iasgaich: an Isa ann an ceann a deas na sgìre, agus an Seaflower air a' chost' a tuath.
B' ann aig Clann Mhic Dhunlèibhe ann an Àird Heslaig is a bha an Seaflower, agus b' e bàta cudromach is aithnichte a bha innte. Ron sin, bha an Clan MacLeay aca.
Cho math ri iasgach, bhiodh i air a chleachdadh uaireannan airson bathar is daoine a thoirt a-mach is a-steach air a' chosta oir cha robh rathad chàraichean ann idir - a bha a' frithealadh na bailtean beaga air a' chost - gu meadhan nan 1970an.
B' esan Calum MacDhunlèibhe (Calum Bànaidh) a bha na sgiobair airson ùine fhada, ged a bha fear Ali Ruadh na sgiobair airson greiseag an toiseach. Còmhla riutha bhiodh daoine leithid Sheonaidh Dhòmhnallaich (Grànndach), Fearchar Mhort agus Dòmhnall MacCumhais (Dòmhnall Dubh).
Bhiodh an Seaflower aig an sgadan agus bha na loidhnichean is an dath uaine oirre a' toirt tlachd do dh'ioma neach.
Chithear dealbhan dhen Seaflower agus an sgioba gu
h-uasal, agus bhideo beag mu deidhinn gu h-ìosal.
Seaflower
In the immediate post-WW II years, there were actually only two fishing boats operating out of Applecross: the Isa in the south of the peninsula, and the Seaflower on the north coast.
The Seaflower belonged to the Livingstones, from Ardheslaig, and she was a well-known, well-loved and recognisable boat. Prior to her, the Livingstones had a boat called the Clan MacLeay.
As well as fishing though, the Seaflower was often used to help ring both people and goods in and out of north coast townships, which at that time had no road, a situation which lasted until the mid-1970s.
Calum Livingstone (Calum Bànaidh) was the skipper for a long time, although Ali Ruadh had been at the helm in the early days. Along with them, people such as Johnny MacDonald (Grànndach), Fearchar Mhort and Donald MacCuish also worked on her (Dòmhnall Dubh).
The Seaflower fished for herring and her lines and green-painted hull pleased many who saw her.
You can see pictures of the Seaflower and her crew in the gallery above,and click on the 'Play' button of the video for a little more information.

Calum MacDhunlèibhe (Calum Bànaidh) a' càradh lìon-sgadanaich. B' esan sgiobair a' Seaflower. Seaflower skipper Calum Livingstone mending a net.

Sgioba a' Seaflower air bòrd, c. 1950an. The Seaflower's crew, c.1950s.

Seaflower faisg air cladach a' chost' a tuath. The iconic Seaflower in her glory.

Calum MacDhunlèibhe (Calum Bànaidh) a' càradh lìon-sgadanaich. B' esan sgiobair a' Seaflower. Seaflower skipper Calum Livingstone mending a net.