top of page

Na Camaranaich

 

Bho thùs, thàinig an teaghlach seo à Loch Aillse. Bha Dòmhnall Camshron na iasgair a bha a' fuireach ann am Port an Eòrna no Dùirinis agus bhiodh e uaireannan ag obair còmhla ri a mhac Seonaidh. Ron sin, thathas a' smaoineachadh gun robh iad ann an Àird an Fheusgain agus sa Chòis air cladach siar Loch Cìseorn.

 

Thàinig Seonaidh (1876-1940) a dh'fhuirich anns an Àird Dhuibh air a' Chomraich tràth san 20mh linne is bha e ag obair air eathraichean mar a' Màiri Bhàn Òg - bha e na co-shealbhadair còmhla ri Seonaidh Dòmhnallach ('Ain Dungain).

 

Cheannaich e an Isa Wood còmhla ri a mhac Dòmhnall (Dòmhnall a' Chamaranaich) ann an 1926, is chaidh a mhac a bu shine, Ali, a dh'obair comhla riutha.

 

Bha an Isa Wood aca gu 1947 nuair a cheannaich iad an Isa ... chuireadh iad greisean seachad air tìr, cuideachd is iad ri croitearachd, no a' togail rathaidean fhad' 's a bha an t-iasgach gann.

 

Leig Ali seachad a dhreuchd anns na 1970an, ach chùm Domhnall air ag obair gu deireadh na 1980an, co-dhiù pàirt-ùine. Bha triùir bhalaich aig Dòmhnall uair ag iasgach air an Isa: Dòmhnall Beag agus Alasdair (no Sandaidh mar as fheàrr 's aithnichear), làn-ùine, agus Ruairidh ann an làithean-saora na sgoile. Cheannaich Dòmhnall is Sandaidh bàta-iasgaich eile a bha nas lugha (Amity) nuair a reic iad an Isa ann an 1991, is bhiodh Gòrdan mac Shandaidh uaireannan ag obair oirre anns na làithean-saora.

 

Às dèidh dhaibh còrr is 50 bliadhna a chur seachad ag iasgach leig Dòmhnall agus Sandaidh seachad an dreuchdan ann an 2010, a' toirt timcheall air 100 bliadhna de dh'iasgach san teaghlach gu crìoch. Cliog air na dealbhan airson am faicinn nas motha, agus air a' bhideo airson fiolm beag fhaicinn.

 

 

 

The Camerons

 

Originally, this family belonged to Lochalsh - Donald Cameron was a fisherman who lived in either Duirinish or Barleyport, and he would sometimes work with his son John. Before that, it is thought that the Camerons may have been in Ardneaskan and also living in a long-abandoned settlement on the western shore of Loch Kishorn, called The Còis.

 

John, who was known as An Camaranach and lived from 1876-1940 came to live in Ardubh in Applecross early in the 20th century. He worked on boats such as the Màiri Bhàn Òg of which he was a co-owner with John MacDonald ('Ain Dungain).

 

Along with his son Donald (Dòmhnall a' Chamaranaich), he bought the Isa Wood in 1926, and his eldest son Alick joined them to work that boat.

 

They had the Isa Wood until 1947 when they bought one of the most iconic Applecross boats, the Isa ... but they also spent time ashore involved in crofting, or helping to build roads when the fishing was slack.

 

Alick retired in the 1970s but Donald continued to work until the end of the 1980s, on and off, in a part-time capacity. Three of Donald's sons worked on the Isa - Donald (Dòmhnall Beag) and Alexander (or Sandy as he is better-known) were full-time and Roderick worked in school holidays. Donald and Sandy then sold the Isa to buy the smaller Amity in 1991, and Sandy's son Gordon would sometimes work on both the Isa and the Amity in his holidays.

 

After over 50 years of fishing together, Donald and Sandy retired in 2010, effectively ending over a century of involvement in the industry of Applecross. Click on the gallery to see some pictures, and on the 'Play' button to see a short video clip.

bottom of page