
Bàtaichean an-diugh
Chan eil an uiread de bhàtaichean a-nis ag iasgachd às a' Chomraich an coimeas ri o chionn fhada. Dh'fhaodar a ràdh nach eil an gnìomhachas idir cho làidir agus tha mòran de na daoine a bha an sàs san obair a' leigeil seachad an dreuchdan is iad nas òige an taca ris na làithean a dh'fhalbh - ma dh'fhaoidte gun lorgadh obair nas comhfhurtaile air tìr, no, nan robh iad fortanach, tha iad air cosnadh gu leòr a chur gu aon taobh airson 's nach fheum iad obair chunnartach, mì-sheasmhach a leanntainn.
Thairis air na 15 bliadhna, no mar sin, a dh'fhalbh, seo agaibh cunntas de na bàtaichean iasgaich a chunnacas air a' Chomraich:
Amity (1990 - 2010) - cheannaich Dòmhnall is Sandaidh Camshron am bàta seo is iad air an Isa a reic. Chaidh i an uair sin a reic gu Roddy MacGillAindreis is esan ag iasgach o Rubha an ròin.
Celia - John (Guinea) MacBeatha agus a mhac Dòmhnall. Cheannaich iad 'Michelle' às dèidh sin, ach b' e 'Bràthairean' a bha oirre ro làimhe.
Fiona W - Tormod Peutan agus Aonghas MacGillIosa. Cliog air a' phutan air an làimh dheis airson sgeulachd Thormoid a chluinntinn.
Osprey (mu 1986) - 's ann le Alfie Edwards is a bha i, is an uair sin cheannaich e Danny Boy.
Conqueror, Emma Goody, agus True Love III - 's ann le Alasdair MacLeoìd is a bha na bàtaichean seo, is esan fhathast ag iasgach.
Jean L - bàta a bha stèidhichte air a' Chomraich ged a bha Uilleam Laing agus Jimmy Barron à Bucaidh.
Emeritus agus Kingfisher - b' ann le Coinneach MacBeatha sa Àird Dhuibh is a bha iad.
Vital Spark, Girl Beth agus Grace Ann, (comharradh-clàraidh BRD 362, air a h-ainmeachadh airson a sheanmhair Grace Ann NicBheatha a bha na piuthair do Dhòmhnaill is Ali Camshron aig an robh an Isa Wood is an Isa) - bàtaichean-iasgaich aig DJ Youngson, a tha fhathast ri iasgach air an Grace Ann.
Bha Eòghan MacCoinnich, às dèidh dha an Eilidh a reic, ag iasgach air bàta beag air an robh Coleen mar ainm, is e a' sireadh dheasagan. Bha a mhac Donaidh na iasgair air Mary M agus Jasper, agus an-diugh tha e a' fantainn ann an Ratharsair.
Mun bhliadhna 2000, bha an My Amber ag iasgach a-mach às a' Chomraich, fo sheilbh Iain MacGriogair ann an Sìldeag agus leis na bràithrean Ailean agus Daibhidh Mac a' Ghobhainn mar chriubha oirre.
Bha Eòghan MacGillIosa ag iasgach air an Sanmar agus an Caledonia mus do thòisich e gnìomhachas air tìr.
Boats today
Far fewer boats fish Applecross waters than before. Indeed, you could say the industry here isn't as strong as it once was - many of those involved have retired, often at a younger age, than their predecessors.
Over the last 15 years or so, these are the boats that plied local waters:
Amity (1990 - 2010) - Donald and Sandy Cameron bought this bought after selling the Isa. The Amity now fishes out of Ardheslaig with Roddy Gillanders at the helm.
Celia - John (Guinea) MacBeatha and his son Donald had this boat before buying the Michelle.
Fiona W - fished by Norman Beaton and Angus Gillies. Click on the button on the right-hand side of the screen to hear Norman talk about his fishing career.
Osprey (about 1986) - owned by Alfie Edwards before he bough the Danny Boy. Alfie now (2014) has a successful fish round.
Conqueror, Emma Goody, agus True Love III - all boats owned by Ali MacLeod, from a well-known fishing family. Ali is still at the fishing.
Jean L - a boat based in Applecross but fished by the Buckie men Willie Laing and Jimmy Barron.
Emeritus agus Kingfisher - baost owned and fished by the MacBeaths from Ardubh, Kenny and his son Kenneth.
Vital Spark, Girl Beth agus Grace Ann - the registration mark of the Grace Ann is the same as that of the famous Isa and named by owner Duncan John Youngson for his grandmother Grace Ann MacBeath whose brothers Donald and Alick had both the Isa Wood from 1926 to 1947, and the Isa from 1947 until 1990.
Ewen MacKenzie, after selling the Eilidh, fished for velvet crabs on a much smaller boat called Coleen. His son Donnie had the Mary M and the Jasper, and fishes today from his home on the Island of Raasay.
Around the year 2000, the My Amber fished from Applecross, under the ownership of John MacGregor from Shieldaig, and fished by the brothers Allan and David Smith.
Ewen Gillies fished the Sanmar and the Caledonia before starting a business ashore.